Eilean Uibhist Mo Ruin-LRC歌词

Eilean Uibhist Mo Ruin-LRC歌词

发行日期:

[00:05.64]Eilean Uibhist mo rùin
[00:08.45]Eilean cùbhraidh nam beann
[00:11.73]Eilean Uibhist mo rùn
[00:14.70]B'e mo dhùrachd bhith ann
[00:17.57]An Eilean Uibhist mo rùn
[00:22.04]B'e mo shòlas bhith air m' eòlas
[00:25.17]San eilean bhòidheach ud thall
[00:27.84]Far am faic mi mo chàirdean
[00:30.96]'S gheibhinn fàilte nach gann
[00:33.69]An Eilean Uibhist mo rùn
[00:38.20]Far am faic mi fìr òga
[00:41.13]Ghearradh mòine nan deann
[00:44.04]'S a ghearradh snasail an t-eòrna
[00:47.27]'S a chuireadh dòrlach sa bhann
[00:49.91]An Eilean Uibhist mo rùn
[00:54.35]Far am faic mi fìr liatha
[00:57.43]Glic-bhriathrach nan cainnt
[01:00.37]Mean-bheachdach sean-eòlach
[01:03.24]A' toirt seòladh don chloinn
[01:05.96]An Eilean Uibhist mo rùn
[01:10.44]Far am faic mi mnathan uasal
[01:13.34]Aoigheil, uallachal, trang
[01:16.05]Tha ro-ainmeil nan stòltachd
[01:19.52]'S an gnìomh dòigheil nan làimh
[01:23.06]An Eilean Uibhist mo rùn
[01:38.56]Tha coibhneas is bàigh
[01:41.81]'Gabhail àit' ann an com
[01:44.67]Gach neach a chaidh àrach
[01:47.86]Fo sgàile nam beann
[01:50.38]An Eilean Uibhist mo rùn
[01:54.94]Bi aoigheachd is fàilte
[01:57.81]Gu bràth feadh nan gleann
[02:00.85]Fad 's a bhuaileas air tràigh
[02:03.85]Boinne sàile nan tonn
[02:06.60]An Eilean Uibhist mo rùn
[02:10.88]'S e slàn leis na dh'fhàg mi
[02:14.13]Bheir mo dhàn-sa gu ceann
[02:16.93]'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean
[02:19.79]'S le m' phàrantan thall
[02:22.53]An Eilean Uibhist mo rùn
[02:25.92]Eilean cùbhraidh nam beann
[02:28.22]Eilean Uibhist mo rùn
[02:31.17]B'e mo dhùrachd bhith ann
[02:34.21]An Eilean Uibhist mo rùn